Ri fhaighinn a-nis!
’S ann à Glaschu a tha mi agus bidh mi a’ sgrìobhadh leabhraichean ficsein do chloinn agus do dh’inbhich sa Ghàidhlig. Chaidh Duais Ghàidhlig mar phàirt de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Urras Leabhraichean na h-Alba a bhuileachadh orm ann an 2022. Bhuannaich mi Duaisean Litreachais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn ann an 2020 is 2023 agus chaidh an sgrìobhadh agam fhoillseachadh ann an New Writing Scotland, Northwords Now agus Causeway/Cabhsair.
Tha ceathrar deugairean a’ coiseachd air Slighe Chladach Fìobha faisg air Cill Rìmhinn nuair a gheibh Amy lorg air bann-làimhe eireachdail.
20 bliadhna an dèidh sin tha sreath ùr a’ nochdadh, “Fuasgladh Cheist”, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air bàsan amharasach. Sa chiad phrògram, tha Art Dawson a’ feuchainn ri freagairtean a lorg mu bàs a pheathar, Joni, a thuit far Slighe Chladach Fìobha. Cha robh esan a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann: dè thachair dhi, agus càit an deach am bann-làimhe prìseil a bh’ oirre?
Cho luath ’s a chì Amy dealbh den bhann-làimhe air “Fuasgladh Cheist”, tha i ga aithneachadh. Cha robh for aice gum b’ ann ceangailte ri bàs nighinn òig a bha am pìos seudraidh, agus chan eil for aice dè nì e leis a-nis, is daoine a’ coimhead air a shon.
A bheil fios aig na triùir eile a bha còmhla ri Amy dè thachair do Joni? Carson nach eil iad airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an turais aca? Agus carson a tha cuideigin airson dèanamh cinnteach nach tèid am bann-làimhe a lorg idir?
Thèid a’ chiad leabhar agam do chloinn fhoillseachadh ann an 2025. Tuilleadh fiosrachaidh ri thighinn a dh’aithghearr…
Bi mi a’ stiùireadh seiseanan OpenBook
air-loidhne gach mìos: Leughadh Co-roinnte agus Sgrìobhadh Cruthaichail ann an Gàidhlig.
Anns na seiseanan, bidh sinn a’ leughadh bàrdachd agus sgeulachdan còmhla agus a’ bruidhinn mun deidhinn. An uair sin, bidh sinn a’ cleachdadh na pìosan a leugh sinn gus brosnachadh a thoirt dhan sgrìobhadh againn fhìn.
’S ann dhan a h-uile duine nas aosta na sia bliadhna deug aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh sa Ghàidhlig a tha na seiseanan seo. Tha fàilte chridheil air duine a tha fileanta sa Ghàidhlig agus air luchd-ionnsachaidh. Chan eil eòlas sam bith air sgrìobhadh deatamach – tha na seiseanan aotrom agus neo-fhoirmeil.
Leugh tuilleadh: https://openbookreading.com/
Shelagh Chaimbeul
Copyright © 2024 Shelagh Chaimbeul - All Rights Reserved.
Powered by GoDaddy